Sgrìobh i: #21: Cogaidhean Cidsin
Sin thu fhèin, a charaid! 👋Fhuair sinn trì sgeulachdan airson farpais #sgrìobhi a’ Ghearrain. Nise…a bheil cuimhne agad air a’ chuspair? Seo e a-rithist:Tha na h-innealan cidsin agad air tighinn beò, agus tha pearsantachdan sònraichte aca.Dè an ath rud a thachras? 😎?(Your kitchen appliances have come to life and taken on special personalities.What happens next? 😎)Ged a bha na pìosan air fad cruthachail agus èibhinn, bha fear ann a sheas a-mach dhuinn, mar a chanas iad 🙂 ’S ann le Steffi a tha e, ’s i air sgeulachd a sgrìobhadh air eas-aonta mòr sa chidsin 😁 Chan e Star Wars no Star Trek a tha seo, ach “Cogaidhean Cidsin” 🍴🍽️Meal do naidheachd, Steffi! Seo mar as àbhaist clàradh-gutha, an sgeulachd fhèin, agus eadar-theangachadh gu Beurla.
Tha an cidsin gu lèir fo smachd na h-àmhainne. An cidsin gu lèir? – Uill, tha aramaiche no dhà ann fhathast, nam measg gaisgeach òg, treun – Coire Dealain.Tha latha a’ chatha mu dheireadh air tighinn. Àmhainn: Tha a h-uile inneal cidsin co-ionann ach tha cuid de dh’innealan cidsin nas co-ionnanaiche na cuid eile. Thig ri mo thaobh.Coire Dealain: Cha tig!Nigheadair-shoithichean: Nuair a choimheadas tu air an taobh theth, faiceallach feumaidh tu a bhith.Measgadair-dealain: Bithibh fada beò is soirbhichibh!Àmhainn: Ist! Tha thusa anns an dealbh-chluich cheàrr.[le guth teasmhor] A Choire Dealain, is mise do mhàthair!Coire Dealain: Ach ’s i ’n abhainn mo…